Artair ann an Geneva - Softcover

Ferrero Menut, Caroline

 
9781907676581: Artair ann an Geneva

Inhaltsangabe

Eadar-theangachadh gu Gàidhlig de Arthur à Genève : ’S e balach gleusta, feòrachail a th’ ann an Artair agus tha e a’ fuireach air an dùthaich. An oidhche bha seo, chaidil e air beulaibh braidseal de theine fiodha agus fhuair e tàlant iongantach: thèid aige air siubhal na bhruadaran, agus cha b’ fhada gus an robh e ann an seann bhaile Geneva. An sin thadhail e air na seallaidhean àlainn le bhith a’ fuasgladh tòimhseachan annasach. Mu dheireadh, thadhail e air Balla an Ath-leasachaidh mus do thill e dhachaigh.

Scottish Gaelic translation of Arthur à Genève: Arthur is a bright and curious young boy who lives in the countryside. One night, he falls asleep close to roaring log fire and he discovers an amazing gift: he can travel in his dreams and soon finds himself in the old town of the city of Geneva. There he visits beautiful places by solving a mysterious riddle and finally visits the Wall of Reformation before returning home.

Die Inhaltsangabe kann sich auf eine andere Ausgabe dieses Titels beziehen.

Über die Autorin bzw. den Autor

FACAL MUN ÙGHDAR

Caroline Ferrero Menut Bha an dòigh a tha clann ag ionnsachadh, agus an ùidh a th’ aca sa h-uile sìon, riamh na adhbhar smaoineachaidh dhomh. Na mo mhàthair a bha measail air siubhal, rinn mi suas iomadh sgeulachd spòrsail a bhrosnaicheadh a’ chlann gu bhith ag ionnsachadh mu àiteachan ùra còmhla rinn. Dh’obraich e na b’ fheàrr na bha dùil. Thadhail sinn air iomadh baile is dùthaich, faisg oirnn agus fad’ às. Ghabh sinn iomadh cuairt shona còmhla ri caractaran a chaidh a chruthachadh airson an turais! Mar neach-lagha, tha mi eòlach air sgrìobhadh agus, anns an leabhar seo, bha mi airson gum faigheadh clann eile an aon tlachd le bhith a’ leughadh mu àiteachan ùra.

FACAL MUN DEALBHADAIR

Nicole Devals Tha mi air a bhith measail air tarraing dhealbhan bho bha mi glè òg. Leis an eòlas a fhuair mi san École Emil Cohl ann an Lyons, agus na mìltean uairean a thìde a chuir mi seachad a’ sgeidseadh, tha mi a-nis toilichte a bhith a’ cur an eòlais sin gu feum cuide ri buidhnean dìon nàdair, foghlam agus feadhainn eile a tha cudromach dhomh. Seach gu bheil dithis nighean agam fhèin, tha e na thoileachadh dhomh a bhith a’ cur dhealbhan cuide ri sgeulachdan.

„Über diesen Titel“ kann sich auf eine andere Ausgabe dieses Titels beziehen.